Tha sinn moiteil à dualchas beartach na sgìre againn. Tro bhith ag ionnsachadh na Gàidhlig ann an Àrd-Sgoil Mhalaig tha sinn a' cur fèill air ar n-eachdraigh 's ar cultar tro sheann chànan dùthchasail na h-Alba 's a' toirt spèis dhan àite a th' aice san latha an-diugh.
The West Highlands and Small Isles have a rich and proud Gaelic heritage. By studying Gaelic in Mallaig High School we aim to explore, discover and celebrate the history and culture of the area we call home, and understand the continued relevance of an ancient, indigenous language in modern Scotland.
Foghlam Farsaing Coitcheann
Tro bhith a' leantainn FFC ann an Àrd-Sgoil Mhalaig bidh a h-uile sgoilear ag ionnsachadh na Gàidhlig ged a bhiodh iad ann an Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig airneo ga ionnsachadh mar nua-chànan mar phàirt den làn chòir 1+2 air cànain. Tha an curraicealam air a chur air dòigh timcheall air ceithir sgilean èisteachd, labhairt, leughadh agus sgrìobhadh a leasachadh thar ceithir prìomh cho-theacsan: Comann-shòisealta, Ionnsachadh, Cosnaidh, agus Cultar.
Tha Google Classroom air a chleachdadh airson taic a chumail ri ionnsachadh agus obair dachaigh. Nochdaidh goireasan, gnìomhan agus obair-dachaigh air a' chlasroom a bhios air an cur gu feum tro na leasanan.
Broad General Education
Pupils following the BGE in Mallaig High School are taught Gaelic either as a continuation of Gaelic Medium Education or as a modern language as part of their entitlement to 1+2 languages. Our curriculum is structured around developing the four skills of listening, talking, reading, and writing across four key contexts: Society, Learning, Employability, and Culture.
Google Classroom is used to support learning and homework. Key resources along with homework and classroom tasks will regularly appear on the Google classroom.
Teisteanasan Nàiseanta
Tha Àrd-sgoil Mhalaig a’ tabhann cothrom do sgoilearan an cuid ionnsachaidh bho BGE a leasachadh le raon de theisteanasan ann an Gàidhlig air an tabhainn, nam measg N4/5, Àrd-ìre agus Sàr Àrd-ìre ann an Gaelic (Luchd-ionnsachaidh) agus Gàidhlig.
Senior Phase
Mallaig High School offers pupils the opportunity to develop their learning from BGE to access a range of qualifications in Gaelic including N4/5, Higher and Advanced Higher in both Gaelic (Learners) and Gàidhlig.
Sgilean
Am measg nan sgilean cudromach a thèid a leasachadh le bhith ag ionnsachadh cànain tha na sgilean practaigeach bunaiteach ann an leughadh, sgrìobhadh, èisteachd agus labhairt. A bharrachd air na bunaitean, bidh ionnsachadh cànain a’ leasachadh meta-sgilean leithid fuasgladh cheistean, sùbailteachd inntinn, seasmhachd, co-fhaireachdainn, comas eadar-chultarach, agus mothachadh meta-chànanach.
Skills
Key skills developed by learning a language include the core functional skills of reading, writing, listening and speaking. Beyond the basics, language learning develops meta-skills such as problem solving, mental agility, resilience, empathy, intercultural competence, and metalinguistic awareness.
Comas cosnaidh
Am measg nan slighean dreuchdail le Gàidhlig tha foghlam, gnìomhachasan cruthachail agus leasachadh is poileasaidh san roinn phoblaich. A bharrachd air seo, bidh dà-chànanachas Gàidhlig a’ neartachadh sgilean bunaiteach cosnaidh leithid fuasgladh cheistean, ioma-ghnìomhachd, agus sùbailteachd inntinn, agus aig an aon àm a’ toirt seachad sealladh cultarail a chuidicheas gnìomhachasan gus na seirbheisean aca a dhèanamh eadar-dhealaichte.
Employability
Career pathways with Gaelic include education, creative industries and public sector development and policy. Beyond direct job requirements, Gaelic bilingualism enhances core employability skills such as problem-solving, multitasking, and mental flexibility, while providing a unique cultural perspective that helps businesses differentiate their products and services.